Warning: A non-numeric value encountered in /home/arjanvan/public_html/freedombymarionbloem.com/wp-content/plugins/taxonomy-picker/silverghyll-library/silverghyll-foundation.php on line 372

Warning: Declaration of UberMenuWalkerCore::start_lvl(&$output, $depth) should be compatible with Walker_Nav_Menu::start_lvl(&$output, $depth = 0, $args = Array) in /home/arjanvan/public_html/freedombymarionbloem.com/wp-content/plugins/ubermenu/core/UberMenuWalkerCore.class.php on line 0

Warning: Declaration of UberMenuWalkerCore::start_el(&$output, $item, $depth, $args) should be compatible with Walker_Nav_Menu::start_el(&$output, $item, $depth = 0, $args = Array, $id = 0) in /home/arjanvan/public_html/freedombymarionbloem.com/wp-content/plugins/ubermenu/core/UberMenuWalkerCore.class.php on line 0

Warning: Declaration of UberMenuWalkerCore::end_el(&$output, $item, $depth) should be compatible with Walker_Nav_Menu::end_el(&$output, $item, $depth = 0, $args = Array) in /home/arjanvan/public_html/freedombymarionbloem.com/wp-content/plugins/ubermenu/core/UberMenuWalkerCore.class.php on line 0

Warning: Declaration of UberMenuWalkerEdit::start_lvl(&$output) should be compatible with Walker_Nav_Menu::start_lvl(&$output, $depth = 0, $args = Array) in /home/arjanvan/public_html/freedombymarionbloem.com/wp-content/plugins/ubermenu/core/UberMenuWalkerCore.class.php on line 0

Warning: Declaration of UberMenuWalkerEdit::end_lvl(&$output) should be compatible with Walker_Nav_Menu::end_lvl(&$output, $depth = 0, $args = Array) in /home/arjanvan/public_html/freedombymarionbloem.com/wp-content/plugins/ubermenu/core/UberMenuWalkerCore.class.php on line 0

Warning: Declaration of UberMenuWalkerEdit::start_el(&$output, $item, $depth, $args) should be compatible with Walker_Nav_Menu::start_el(&$output, $item, $depth = 0, $args = Array, $id = 0) in /home/arjanvan/public_html/freedombymarionbloem.com/wp-content/plugins/ubermenu/core/UberMenuWalkerCore.class.php on line 0

Warning: Declaration of flat_menu_walker::start_lvl(&$output, $depth) should be compatible with Walker_Nav_Menu::start_lvl(&$output, $depth = 0, $args = Array) in /home/arjanvan/public_html/freedombymarionbloem.com/wp-content/themes/thesis_starter/functions.php on line 768

Warning: Declaration of flat_menu_walker::end_lvl(&$output, $depth) should be compatible with Walker_Nav_Menu::end_lvl(&$output, $depth = 0, $args = Array) in /home/arjanvan/public_html/freedombymarionbloem.com/wp-content/themes/thesis_starter/functions.php on line 768

Warning: Declaration of flat_menu_walker::start_el(&$output, $item, $depth, $args) should be compatible with Walker_Nav_Menu::start_el(&$output, $item, $depth = 0, $args = Array, $id = 0) in /home/arjanvan/public_html/freedombymarionbloem.com/wp-content/themes/thesis_starter/functions.php on line 768

Warning: Declaration of flat_menu_walker::end_el(&$output, $item, $depth) should be compatible with Walker_Nav_Menu::end_el(&$output, $item, $depth = 0, $args = Array) in /home/arjanvan/public_html/freedombymarionbloem.com/wp-content/themes/thesis_starter/functions.php on line 768
Saorsa in Scottish Gaelic by Rody Gorman

Saorsa in Scottish Gaelic by Rody Gorman

Saorsa

Mas ionann a bhith saor is: dùin thusa do chlab
oir tha rudeigin agam ri ràdh

Mas ionann a bhith saor is: thusa sa phrìosan
gus nach leig sinn leas eagal a ghabhail
gum bi thu eadar-dhealaichte
anns na nì thu ‘s nach dèan thu

Mas ionann a bhith saor is: a’ cumadh gu cruinn
a-màireach le bhith a’ tionndadh an-diugh
na latha air a lùghdachadh

Mas ionann a bhith saor is: dùnadh dhorsan
a choimhead gu dlùth air sgàilean
air na h-uile a bha còir a bhith air falbh gu slàn

Mas ionann a bhith saor is: an-còmhnaidh a’ dèanamh cadail gu bog
seach gun deach teangachan dhaoine eile
a ghearradh dheth le olc

Mas ionann a bhith saor is: ag ithe na tha thu ‘g iarraidh aig àm sam bith
ach a’ leigeil leis an rùsg tuiteam ann am pàipearan an latha
far a bheil gort am falach

Mas ionann a bhith saor is: nach leig thu leas fios a bhith agad
dè leig mu sgaoil mi, dè bhios gam chumail mu sgaoil, dè
bhios gam phrìosanachadh ann an saorsa gach latha

Mas e th’ ann an saorsa: a’ feitheamh gus an leig neach eile
ma sgaoil mi bho sgàth anns
a bheil mi a’ creidsinn gu tur

Mar sglàibricheas an t-saorsa mo smuaintean
Ma bhios an t-saorsa a’ giùlan mu thimcheall orm
is na mo bhroinn,
ach nach gabh i glacadh leat

Ma bhios an t-saorsa gam dhìon
an aghaidh do bheachdan a tha fada
tuillleadh is eadar-dhealaichte dhomh fhìn

Ma bhios an coltas air an t-saorsa an-diugh dhomh
a bhith cho nàdarra, is nach fhaigh thu fhèin
a brìgh

An uair sin tha an t-saorsa na casan dhomh fhìn
‘s na basan air an gearradh dhut fhèin
An uair sin ‘s e th’ ann an saorsa àile is nì air thuairmse

Ach faodaidh mi a bhith saor
gus cùl a chur
ri mo shaorsa fharsaing – ma
thig an dà thaobh gu aonta, gun teagamh –
fad dreis no fad ùine fhada
gus do shaoradh
bho mo shaorsa fhèin a thachdas

Marion Bloem

Coordinates: 57° 6′ 36.58″ N, 5° 55′ 56.03″ W
Location: Sleat, Isle of Skye – Scotland
Scottish Gaelic translation by Rody Gorman
From the English translations “Freedom” by Martin Cleaver & Angela E. Roe